Site search:
Gaidhlig | Scots
To Go!
Homecoming Scotland 2009

Welcome to the Homecoming Scotland media centre. Here you'll find the latest news releases from the Homecoming Scotland team, as well as find contacts who can help with your enquiries

An Tilleadh Albannach

Bidh prògram Till Dhachaigh a dh'Alba a' tòiseachadh gu foirmeil air an deireadh sheachdain den 250mh ceann-bliadhna Raibeart Burns (24mh-25mh Faoilleach) le tachartasan traidiseanta Burns agus feadhainn ùra an dùil a bhith air an ruith ann am prìomh àitean air feadh Alba. Ann an Glaschu, aig Celtic Connections, an fhèis ceòl geamhraidh as motha ann an Alba, cuirear air adhart taisbeanadh den luchd-cluiche mòra eadar-nàiseanta air an tug Burns buaidh.

As t-Earrach, bidh an Cèitean mar mhìos an Uisge-beatha agus bidh daoine a' faighinn cuireadh a thighinn gu Dachaigh an Uisge-beatha gus am faigh iad a-mach dhaibh fèin mu obair nan taighean-staile a tha air cur gu mòr ris an às-bhathair Albannach mun chultar a tha na lùib. Tòisichear cùisean aig Fèis Spiorad Taobh Abhainn Spè (1d gu 10mh Cèitean) as motha a chaidh a chumail a riamh, agus cuiridh Gnìomhachas Uisge-beatha na h-Alba fàilte an dà chuid air luchd-tadhail is daoine ionadail. Eadar tachartasan sònraichte aig taighean-staile, seiseanan blasaidh agus cùrsaichean-còmhnaidh uisge-beatha, bidh iomadh cothrom ann blas fhaighinn de dheoch nàiseanta na h-Alba.

Thar an t-samhraidh bidh Till Dhachaigh a dh'Alba 2009 a' taisbeanadh tachartasan ùra agus prìomh thachartasan eadar-nàiseanta a bhios air an leasachadh. Tha An Cruinneachadh (25-26 den Iuchar) air a bhith air a chruthachadh gu sònraichte airson na bliadhna Till Dhachaigh gus comharrachadh na tha Cinnidhean Albannach air a chur ri eachdraidh agus cultar an t-saoghail. Bidh an dà là de Gheamannan Gàidhealach ann am pàirce Holyrood ann an Dùn Èideann a' taisbeanadh cuid de na pìobairean, dannsairean agus lùth-chleasaichean Gàidhealach as fheàrr san t-saoghal agus fhad 's a tha sin a' tachairt, shìos fo bhallachan Caisteal Dhùn Èideann chithear paidseant eachdraidheil mu na cinnidhean. Bidh seo na aon de na cruinneachaidhean as motha de chinnidhean a bha a riamh air a chumail ann an Alba. A thuilleadh air an tachartas ùr seo, tha planaichean ann airson tachartasan sònraichte Till Dhachaigh a chur air dòigh aig cuid de na tachartasan mòra eadar-nàiseanta a tha tachairt ann an Alba, leithid Tatù Dhùn Èideann (7-30mh Lùnastal) agus An Cofharpais Fosgailte Goilf (16-18 Iuchar) a tha a' tilleadh gu Dachaigh Goilf ann an 2009 chun chùrsa Ailsa, ann an Turnberry.

Sa Ghàidhealtachd san Dàmhair, thathar am beachd fèis a mhaireas coladeug a chur air chois a bhios a' comharrachadh nan taobhan as fhèarr den Dualchas Ghàidhealach. Bidh seo air a stèidheachadh timcheall air tachartas mòr eadar-nàiseanta mu Eilthireachd agus bidh iomadh tachartas eile a' toirt taic dha air feadh na Gàidhealtachd.

Thig an fhèis a mhaireas fad bliadhna gu deireadh mu Là Naomh Anndrais an uair a bhios Till Dhachaigh a dh'Alba a' cur air adhart taisbeanadh mòr a bhios a' comharrachadh ceòl na h-Alba le stoidhlean cho farsaing ris na sàr-chluicheadairean ceòl-dùthchasach gu stoidhle co-aoiseach an là an-diugh a tha aig na còmhlain-ciùil Albannach a tha a' dèanamh an ainm san t-saoghal eadar-nàiseanta.