Site search:
Gaidhlig | Scots
To Go!

An Geamhradh 2009

Air a theachdaireachd aig Subhachas na Bliadhn’ Ùire ann an Alba, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, bidh prògram Fàilteachadh Alba 2009 air a chur air bhog gu h-oifigeil aig deireadh-seachdain 250mh ceann-bliadhna Burns le raon de thachartasan àrd-fhollaiseach co-cheangailte ri Burns san amharc ann am prìomh àiteachan ann an Alba. An t-Earrach 2009

Is e An Cèitean Mìos an Uisge Bheatha agus tha cuireadh ga thoirt a thighinn gu Dachaigh an Uisge Bheatha gus faighinn a-mach mu dheidhinn agus tlachd a ghabhail à sgil nan luchd-staile agus nan àrd-choimeasgairean, a tha tro an dìchill air aon de na h-às-mhalairtean as motha ann an Alba a chruthachadh a bharrachd air leudachadh air ar cultar.   

An Samhradh 2009 

Thairis air mìosan an t-samhraidh bidh Fàilteachadh Alba 2009 a’ taisbeanadh thachartasan ùr-nodha agus àrdaichte aig am bi prìomhachas air feadh an t-saoghail. Tha An Cruinneachadh air a chruthachadh a dh’aon ghnothaich airson na bliadhna Fàilteachaidh gus togail a dhèanamh air na tha na cinnidhean Albannach air a chur ri eachdraidh agus cultar an t-saoghail, fhad `s a bhios cuid de thachartasan ainmeil eadar-nàiseanta na h-Alba mar Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, Tatù Armailteach Dhùn Èideann agus Farpais Fhosgailte a’ Ghoilf a’ comharrachadh na bliadhna le gnìomhachdan Fàilteachaidh sònraichte.   

Am Foghar 2009

As t-Fhoghar bidh a’ Ghàidhealtachd a’ cur air bhonn fèis cheala-deug a bhios a’ comharrachadh na nithean traidiseanta as fheàrr den Chultar Ghàidhealach. Air a chur air adhart mun cuairt Co-labhairt mòr eadar-nàiseanta a bhios a’ coimhead air a’ bhuaidh cruinneil a tha aig Alba, bidh tachartasan roinneil agus fraoidhneasail a’ gabhail àite air feadh na sgìre.  

Na Subhachasan Deireannach

Anns an t-Samhain timcheall air Latha Naoimh Anndra agus mar dheireadh sònraichte air a’ bhliadhna, bidh Fàilteachadh Alba a’ nochdadh prìomh chomharrachadh de Cheòl Albannach. Bho ghaisgich ciùil traidiseanta Albannach gu na còmhlain ciùil Albannach co-aimsireil a tha a’ dèanamh ainm dhaibh fhèin gu h-eadar-nàiseanta san latha an-diugh, faodar coimhead air adhart ri subhachas Latha Naoimh Anndra a bhios gun choimeas.