Site search:
Gaidhlig
To Go!
Homecoming Scotland 2009

Tha An Tilleadh Albannach 2009 a' comharrachadh an 250mh bliadhna on rugadh Raibeart Burns.  Tha sinn cuideachd a' comharrachadh cuid e na nithean as fheàrr a thug Alba dhan t-saoghal mhòr: goilf, uisge-beatha, inntinnean gèire agus innleachdan ùra agus dualchas agus cultar bheairteach na h-Alba.

By Local Authority By Region

Search Events

view map

Thigibh Còmhla Rinn

ann an 2009 nuair a bhios Alba a’ cur air adhart a’ chiad bhliadhna Fàilteachaidh a chaidh a chruthachadh agus a ghabhas àite gus comharrachadh a dhèanamh air an 250mh ceann-bliadhna aig bàrd nàiseanta na h-Alba, an ìomhaigh chultarach eadar-nàiseanta, Raibeart Burns. Bho Oidhche Burns gu Latha Naoimh Anndra bidh prògram farsaing de thachartasan agus de ghnìomhachdan brosnachail agus inntinneach a’ gabhail àite air feadh Alba, a’ comharrachadh feadhainn dhe na tabhartasan as motha a chaidh a thoirt dhan t-saoghal: Burns fhèin, Uisge Beatha, Goilf, Eanchainnean Mòra agus nuadhasan na h-Alba agus ar cultar is dualchas saidhbhir a tha air an cumail beò aig an taigh tro ar teaghlach cruinneil.  

Bidh 2009 na bliadhna shònraichte dha na h-Albannaich agus dhaibhsan aig a bheil spèis dha Alba. Is e bliadhna mhìorbhaileach a bhios ann airson a  thighinn dhachaigh.

Tha buidhnean air feadh na dùthcha aig an àm seo fhèin a’ planadh ghnìomhachdan Fàilteachaidh agus a’ toirt cuireadh dhuibh pàirt a ghabhail san t-subhachas. Bho Arcaibh gu Obar Dheathain, bhon Òban gu na Crìochan bidh taghadh agaibh à clàr-ama loma-làn de thachartasan agus ghnìomhachdan. Tha am prògram seo a’ toirt seachad blas de na dh’fhaodar dùileachadh tron bhliadhna Fàilteachaidh, le tuilleadh fiosrachaidh ga chur a-mach mar a bhios am prògram a’ fàs anns an dol air adhart gu 2009.
Tuilleadh...